
Seo agaibh ‘Sgeulachdan nan Gaisgeach’ – fichead sgeulachd a bhuineas do
bheul-aithris nan Gàidheal ann an Alba air an aithris ann an Gàidhlig an latha an-
diugh. Faodar na sgriobtaichean agus faidhlichean fuaim a luchdadh a-nuas an-asgaidh.
Leughaibh, èistibh agus ionnsaichibh sgeulachdan mu Fhionn Mac
Cumhail, Oisean, Deirdre, Diarmad, Sgiath is gaisgich Ghàidhealach gu leòr eile!
Cruinneachadh àraidh a bhios feumail dha tidsearan, pàrantan, sgeulaichean agus
duine sam bith eile aig a bheil ùidh ann an dualchas nan Gàidheal.
Fhuair an làrach-lìn seo maoineachadh bho sgeama Tasgadh aig Fèisean nan Gàidheal.
