Sgeulachdan agus Tìr

Sgeulachdan agus Tìr: càit an do thachair ‘Sgeulachdan nan Gaisgeach’?

Buinidh dualchas nan sgeulachdan don a h-uile àite far an robh agus far a bheil na Gàidheil a’ fuireach – Alba, Èirinn is Eilean Mhanainn – agus tha iad air an aithris fhathast am measg nan Gàidheal ann an Alba Nuaidh. Tha feadhainn dhiubh air an ceangal ri Èirinn gu làidir, agus chithear sin ann am Breith Fhinn agus Fionn, Oscar agus a’ Mhuilidheartach Bhuidhe. Anns na stòiridhean mu Chù Chulainn, bithear a’ ceangal Alba ri Èirinn mar a bha beatha a’ ghaisgich fhèin, agus tha an aon rud fìor mun bhana-ghaisgeach Deirdre. Tha Lochlann air a toirt a-steach do na sgeulachdan uaireannan cuideachd, leithid ann an cunntas na Muilidheartaich, Mar a Chaill agus a Fhuair Bran a Dhathan agus Mar a Fhuair Fionn a-rithist an Cù Glas. Agus ann an cuid dhen bheul-aithris seo, chan eil e soilleir càit an robh na gaisgich a’ tighinn beò – Alba, Èirinn no sa mhac-meanmna fhèin!

Ach tha gu leòr dhiubh air an stèidheachadh, co-dhiù ann an aithrisean nan sgeulaichean, air Gàidhealtachd na h-Alba, agus chithear fhathast cuid na h-àiteachan far an do thachair na gnothaichean gaisgeil ri linn Oisein agus ma dh’fhaodte roimhe sin. Am measg a’ chorpais sin, tha am mòr-sgeul ainmeil Diarmad agus Gràinne a bh’ air a cheangal gu làidir ri Gleann Sìth o shean ach a th’ air a shuidheachadh ann an grunn àiteachan eile a bharrachd, eadar na Tròisichean anns a’ cheann a deas agus Siorrachd Rois is an t-Eilean Sgitheanach anns a’ cheann a tuath. Tha diofar bheachdan air làrach na h-uamha far an do ghabh Dùsgadh nam Fianna àite – an t-Eilean Dubh agus an t-Eilean Sgitheanach nam measg. 

Tha ceangal ri àiteachan gu sònraichte làidir anns an stòras aig Seòras Mac a’ Phearsain, agus e gar toirt gu ruige Àird nam Murchan, a’ Mhorbhairne, an t-Eilean Sgitheanach, Gleann Eilg, Muile agus Stafa. 

%d bloggers like this: