
Stòras Sheòrais: Tùsan nan Sgeulachdan
Thàinig aon-deug de na sgeulachdan air an làraich-lìn seo bhon stòras iongantach aig Seòras Mac a’ Phearsain, agus iad air an cruinneachadh le Ruairidh MacIlleathain mar phàirt dhen phròiseact Ignite/Las aig Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean ann an 2019. ’S ann à Gleann Dail anns an Eilean Sgitheanach a tha Seòras, ged a tha buntanas aige cuideachd do dh’Àird nam Murchan agus sgìrean eile dhen Ghàidhealtachd, agus fhuair e na sgeulachdan aige bho bheul-aithris, feadhainn dhiubh aig seann chàirdean nuair a bha e na chnapach òg. Ged nach eil Seòras fileanta ann an Gàidhlig, agus e ag aithris a chuid sgeulachdan ann am Beurla, fhuair e a stòras bho Ghàidheil a chùm an dualchas seo beò tro bheul-aithris thar nan linntean. Le corra sgeul, bha iad air an aithris dha ann an Gàidhlig, le neach eile a’ dèanamh eadar-theangachadh mar-aon gus an togadh Seòras iad ann am Beurla. Le cead agus brosnachadh bho Sheòras, chuir Ruairidh na sgeulachdan seo, a bhuineas do dhualchas Gàidheil na h-Alba, air ais don Ghàidhlig às an tàinig iad, ach ann an cainnt a thuigeas daoine gu furasta anns an latha an-diugh. Ar taing do Sheòras airson na sgeulachdan seo a chumail beò!

Tha sgeulachdan ainmeil aig Seòras ach le dreach orra a tha eadar-dhealaichte bho na th’ aig no a bh’ aig sgeulaichean eile. Tha sin gu h-àraidh fìor mu na cunntasan aige air beatha Chù Chulainn, agus e a’ cumail a-mach ann an sgeul a fhuair e bho athair, gun d’ fhuair an gaisgeach Ultach (a bha leth Sgitheanach) bàs anns a’ mhonadh os cionn Ghleann Dail. Chan eil Seòras comasach tuilleadh a shlighe a dhèanamh thar mòinteach gharbh air sàillibh aois, ach thug e seòladh do Ruairidh a thug e gu ruige ‘Uaigh Chù Chulainn’ – tolman air mullach a’ mhonaidh.
Tha an cunntas aig Seòras de Dèirdre nam Bròn eadar-dhealaichte bho na th’ aig feadhainn eile, agus a tha a’ toirt sinnsearachd Albannach don bhana-ghaisgich a tha aithnichte an dà chuid ann an Alba is Èirinn. Tha Seòras a’ stèidheachadh Fraoch ann am Muile, ged a thachair e ann an Loch Obha no Loch Fraochaidh (Siorrachd Pheairt), a rèir feadhainn eile. Agus bidh Tìr nan Sìthichean a’ seasamh airson Tìr nan Òg ann an Oisean agus Banrigh nan Sìthichean, ged a tha Oisean a’ fàs sean gu h-obann anns an aon dòigh ris na dh’aithris seann sgeulaichean Gàidhealach o shean.
’S dòcha gur i a’ bhanrigh Sgitheanach – Sgiath – agus an caractar olc, am Buidseach Grìs-fhionn, as motha a tha a’ comharrachadh stòras Sheòrais. Tha Sgiath air aithneachadh mar Sgàthach aig cuid eile, ach chuala Seòras a h-ainm mar Sgiath, agus bha a dachaigh ann an Gleann Dail fhèin, seach ann an Dùn Sgàthaich ann an Slèite. Tha Sgiath air leth cudromach mar charactar oir bha i na boireannach làidir, cumhachdach a bha a’ smachdachadh nam fear – agus a dh’fhaodadh a bhith na h-eisimpleir do chloinn-nighean an latha an-diugh! Chuala Seòras mun Bhuidseach Ghrìs-fhionn an toiseach ann an 1940 no 1941 ann an dachaigh aig seann-uncail dha ann an Àird nam Murchan, ach nochd e cuideachd ann an sgeulachd a chuala e anns an Eilean Sgitheanach ann an 1947.
Tha ceithir leabhraichean foillsichte aig Seòras, agus iad uile an clò aig Luath Press – Highland Myths and Legends, The Old Grey Magician, Sgiath – Amazon Queen of Skye agus Celtic Sea Stories. Bha an corpas seo taiceil do Ruairidh ach chruinnich e cuid na sgeulachdan à beul Sheòrais fhèin na dhachaigh ann an Gleann Dail.
Tha tùs gach sgeulachd air ainmeachadh air duilleagan nan sgriobtaichean – an dà chuid airson stòras Sheòrais agus airson nan naoi sgeulachdan a thàinig à tùsan eile. Mura còrd an dreach a chuir Ruairidh air an sgeul ri duine, faodaidh e no i a dhol don dreach thùsail airson ath-ionnsachadh a dhèanamh air, co-dhiù tha sin ann an dreach sgrìobhte no mar chlàradh air làraich-lìn sgoinneil Thobar an Dualchais. ’S e an t-amas a bh’ aige leis a’ phròiseact seo daoine a bhrosnachadh gus seann sgeulachdan nan gaisgeach a chumail beò air bilean an t-sluaigh ann an Gàidhlig agus tuigse a bhrosnachadh am measg Gàidheil òga na h-Alba gu bheil dualchas air leth aca às am bu chòir dhaibh a bhith moiteil. Gur fada a mhaireas dualchas nam Fianna beò am measg nan Gàidheal!

